|
Faodaidh am prògram cànain a bhith
ann an riochd cursa cànain a tha a' dol air adhart ceum
air cheum, no ann am modh nach eil buileach cho stèidhichte
ach air a shuidheachadh air cuspairean, no na chothlamadh de na
dhà.
Dh'fhaoidte caochladh ghnìomhan, mar a leanas, a ghabhail
os làimh anns gach aon de na builean, a' gluasad mean air
mhean bho shuidhichidhean-ionnsachaidh stèidhichte gu feadhainn
nach eil buileach cho stèidhichte mar a tha a' chlann a'
fàs nan sgilean ann a bhith a' cleachdadh na Gàidhlig.
Èisteachd
Anns an Fho-Rèis a-Steach bidh an tidsear a' còmhradh
dìreach ris a' chlas agus ri pàistean fa leth. Bidh
cothrom cunbhalach cuideachd aig a'chloinn a bhith ag èisteachd
ri còmhraidhean taisbeanaidh eadar dithis thidsearan no
inbheach eile. Faodar teipichean agus bhideo a chur am feum. Faodar
prògraman rèidio agus telebhisein a thoirt a-steach
aig Meadhan Ìre agus faodar leantainn orra sin aig Ìre
E. Far an gabh a dhèanamh, aig Ìre E tha còir
cothrom a bhith aig cloinn cuideachd èisteachd ri pàistean,
ri pàrantan agus ri daoine eile aig a bheil Gàidhlig,
gus dèanamh cinnteach gum fàs na sgilean ann an
àrainneachd chànain a tha cho nàdarrach 's
a ghabhas.
Bidh na sgilean seo air an daingneachadh le atharrais air cainnt,
le cluiche gheamannan, agus le èisteachd ri òrain,
gu h-àraidh gnìomh-òrain. Aig Meadhan Ìre
agus aig Ìre E bidh a' chlann ag èisteachd cuideachd
ri stòiridhean gan leughadh leis an tidsear, agus iad a'
sìor fhàs nas ioma- fhillte.
Anns an Fho-Rèis a-Mach bidh a' chlann a' tuigsinn agus
a' freagairt fiosrachaidh anns a' Ghàidhlig on tidsear
agus o dhaoine eile. Dh'fhaodaiste iarraidh air luchd-tòiseachaidh,
mar eisimpleir, seòladh sìmplidh a chur an gnìomh
mu nithean a tha a' dol anns an rum-theagaisg agus mu riaghladh
a' chlas, agus dh'fhaodaiste a bhith a' sùileachadh orra
gun tuig iad sreath de dh'abairtean-modha sìmplidh. Ron
am a ruigeas iad Meadhan Ìre tuigidh agus freagraidh a'
chlann fiosrachadh coitcheann a bheir an tidsear dhaibh agus abairtean-modha
cumanta a chleachdas luchd-tadhail. Aig Ìre E bidh comas
aig a' chloinn air eadar-cheanglaichean sòisealta a làimhseachadh
leis na h- uiread de mhisneach, mar eisimpleir le còmhradh
a dhèanamh air sreath chuspairean sgoile agus chuspairean
eile ri tidsearan agus ri luchd-tadhail.
|